Tha thu a' faighinn a' phuist-d seo leis gur e oileanach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a th'annad.

A bheil trioblaid agad a' faicinn a' phuist-d seo? Faic san t-sealladar agad e.

divider
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

San iris seo

 

An Lìonra


Fàilte gu An Lìonra, an litir-naidheachd do dh’Oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Is e seo ar ciad dheasachadh ann an 2012, mar sin, bliadhna mhath ùr dhut, ged a tha e beagan air dheireadh! Tha sinn an dòchas gur e bliadhna shoirbheachail a th’ air a bhith agad gu ruige seo agus gu bheil do chuid ionnsachaidh a’ còrdadh riut fhathast.
 

Tha tòrr anns An Lìonra air a’ mhìos seo - tha taghaidhean UHISA a-nis fosgailte agus dèan cinnteach gun toir thu am beachd agad anns na Duaisean Teagaisg a th’ air an ruith leis na h-oileanaich fhèin. Gabh pàirt ann an fharpais airson cothrom dìnnear a bhuannachadh còmhla ri aon de ‘dh’òraidichean aoigheach’ an oilthigh no clàraich mar ‘Shaor-thoileach Fèise’ gus tiocaid saor an asgaidh fhaighinn airson RockNess.
 

Cuimhnich, ma bhios sgeulachd no tachartas agad a tha thu airson co-roinn le oileanaich an Oilthigh, cuir fios chun An Lìonra.

Cuimhnich gu bheil An Lìonra ri fhaotainn sa Bheurla

 

Facebook Like Button Tweet Button