Tha thu a' faighinn a' phuist-d seo leis gur e oileanach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a th'annad.

A bheil trioblaid agad a' faicinn a' phuist-d seo? Faic san t-sealladar agad e.

divider
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

San iris seo

 

An Líonra

Fàilte gu iris na Sultain de An Lìonra, an litir-naidheachd do dh’Oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Feumaidh sinn fàilte bhlàth shònraichte a chur air ar n-oileanaich ùra. Gur e math a thèid leibh le ur cuid ionnsachaidh - tha sinn an dòchas gun còrd UHI ribh agus gum faigh sibh mòran às.

Anns an iris seo gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu na seirbheisean a bhios rim faotainn dhut tro roinn nan oileanach air an làraich-lìn ùr aig UHI; cluinnidh tu mu na buannachdan a gheibh thu agus tu nad bhall de chomann oileanaich UHI, UHISA, agus mun cho-fharpais mhìorbhaileach againn, anns am bi sinn a’ lorg bheachdan airson gnothachas.

Facebook Like Button Tweet Button