Tha thu a' faighinn a' phuist-d seo leis gur e oileanach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a th' annad.

A bheil trioblaid agad a' faicinn a' phuist-d seo? Faic san t-sealladar agad e.

divider
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

San iris seo

 

Fàilte gu An Lìonra, an litir-naidheachd do dh’Oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Tha sinn an dòchas gun do chòrd saor-làithean na Càisg riut agus gu bheil thu a-nis deiseil airson na seachdainean mu dheireadh ro dheireadh an teirm.  Mur a bheil planaichean agad airson an t-samhraidh, carson nach feuch thu greis-ghnìomhachais shamhraidh PÀIGHTE? Tha tòrr chothroman air feadh na sgìre againn, agus tha e math don CB agad cuideachd!
 

Tha an ceann-ama airson Maoin Leasachadh nan Oileanach a-nis faisg; is e seo do chothrom rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh agus a chur ri do leasachadh phearsanta fhad ’s a chuireas tu ri do chuid ionnsachaidh.
 

Cuimhnich gu bheil An Lìonra cuideachd ri fhaotainn sa Bheurla.

Facebook Like Button Tweet Button