Cuir ri Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach, thoir fios air ais agus buannaich bileag as fhiach £50, lean oileanaich aig Celtic Connections

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Halò [firstname,fallback].  
An Lìonra: Faoilleach 2013
Faigh seo sa Bheurla

A’ tighinn a dh’aithghearr - Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach

Thèid Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (SNO) a chur air bhog air 4mh Gearran 2013 aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Is e a th’ ann an SNO cothrom air do bheachdan a thoirt air na rudan a chòrd riut mun àm anns an robh thu aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, cho math ris na rudan a dh’fhaodadh, nad bheachd-sa, a bhith na b’ fheàrr.

An t-seachdain a’ tòiseachadh 4mh Gearran
Ma bhios tu airidh air an t-suirbhidh, m.e fo-cheumnaichean sa bhliadhna mu dheireadh, cuiridh Ipsos MORI fios thugad le post-d, a’ toirt cuireadh dhut an suirbhidh a lìonadh air-loidhne. Mar fhiosrachadh, thèid d’ainm agus na freagairtean agad a chumail dìomhair.

Brosnachadh agus Duaisean
Leis gur e seo a’ chiad bhliadhna a ghabh sinn pàirt ann an SNO, bidh sinn a’ tabhann bileag Amazon as fhiach £10.00 do gach oileanach àiridh a choilionas SNO air-loidhne! Bidh sinn cuideachd a’ tabhann bhileagan Amazon as fhiach £100.00 agus còig seataichean de bhileagan Amazon as fhiach £50.00 mar dhuaisean.  Coimhead air an bhideo YouTube an seo airson barrachd fiosrachaidh.

 
Guthan Co-thàthte - buannaich Bileag Amazon as fhiach £50

Buannaich £50!

Bidh Aonad Leasachadh Foghlaim a’ dùnadh an t-suirbhidh aca air guthan co-thàthte a dh’aithghearr. Bheir an suirbhidh seo, a mhaireas 10 mionaidean, cothrom dhut buaidh a thoirt air cleachdadh ghuthan co-thàthte aig an oilthigh ann an leasachadh stuthan ionnsachaidh an ama ri teachd. Thèid suirbhidhean a-steach do chrannchur aig a bheil bileag Amazon as fhiach £50 mar dhuais. Lìon an suirbhidh an seo ro 15mh Gearran.

 
Bi nad shaor-thoileach aig Glaschu 2014

Thathas ag iarraidh saor-thoilich airson Geamannan a’ Cho-fhlaitheis 2014. Barrachd fiosrachaidh mun chothrom air leth seo an seo

 
Com-pàirteachas le Celtic Connections

Agus e uaibhreach a bhith na chom-pàirtiche foghlaim ann an Celtic Connections, bidh luchd-obrach agus oileanaich bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ dol air an àrd-urlar airson àireamh de chuirmean-ciùil agus òraidean acadaimigeach air feadh Faoilleach 2013 le measgachadh de cheòl, cànan, eachdraidh agus arc-eòlas.

Leugh blog làitheil nan oileanach an seo

 

 
Taghaidhean UHISA - dèan cinnteach gu bheil guth aig an àrainn agad

’S e àm an taghaidh a th’ ann a-rithist!
Ainmeachaidhean a’ fosgladh: 01/02/13 Ainmeachaidhean a’ dùnadh: 15/02/13 Iomairtean: 25/02/13 - 08/03/13 Àm nan Ceistean: 08/03/13 Làithean bhòtaidh:11/03/13 - 15/03/13
Toraidhean an taghaidh:15/03/13

Airson fiosrachadh iomlan tadhail air làrach-lìn UHISA.

 
Pròifil Oileanach

Ainm: Lydia Crow
Cùrsa: Chlàraich mi airson ceum rannsachaidh aig an Ionad airson Rannsachadh Lochlannach, a’ rannsachadh cultar agus fèin-aithneachadh, gu sònraichte ann an Arcaibh.
Mum dheidhinn: Chaidh m’ àrach ann an Arcaibh agus tha an teaghlach agam a’ fuireach ann an Gallaibh a-nis, ged a tha mi an-dràsta air mo shuidheachadh air taobh deas na crìochan. Tha mi à teaghlach mòr, inntinneach (rudeigin coltach ris an Addams Family, na Waltons agus na Mitchells o Eastenders, bidh mi ag ràdh).
Mo UHI: Tha mi cuideachd nam cheumnaiche bho UHI. Rinn mi MLitt ann an Litreachas na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha mi cuideachd nam Riochdaire For-cheum airson UHISA an-dràsta.
Mo thìde: Cho math ri bhith ag ionnsachadh pàirt-ùine, bidh mi ag obair làn-ùine aig Oilthigh Essex, far a bheil mi an-dràsta fo-fhastaichte mar Mhanaidsear na Sgoil Ceumnachaidh. Tha e cuideachd a’ còrdadh rium a bhith a’ sgrìobhadh, a’ dèanamh agus a’ rianachadh ceòl, agus bidh mi cuideachd a’ ruith làrach-lìn no dhà airson caochladh phròiseactan cruthachail.
Mo mhiannan: Tha mi an dòchas gum bi fios agam mar as urrainn bith-beò a bhith agam a’ dèanamh rudan as toigh leam gu mòr. Tha e a’ còrdadh rium nach eil fhios agam dè an y-slighe a ghabhas mi leis an rannsachadh no na h-obraichean cruthachail agam.

 
 
 
 
Bùthan-obrach an Ionaid Dhreuchdan sa Ghearran

Comhairle air obair a lorg air 8mh Gearran agus cuideachadh a thaobh CB a sgrìobhadh air 15mh Gearran. Tha an dà sheisean rim faotainn tro VC, cuir fios a dh’ionnsaigh Helen airson barrachd fiosrachaidh.

 
Ùraich am fiosrachadh agad

An robh fios agad gum b’ urrainn dhut an lìonra fhaighinn sa Bheurla no sa Ghàidhlig? Ùraich na roghainnean agad an seo

 
Maoin nan Ùr-ghnàthadairean Òga
Tachartas Challenge Lab aig Colaiste Inbhir Nis UHI - 20mh Gearran

Tha Institiud na h-Alba airson Iomairt agus Create a’ cur ‘challenge lab’ air dòigh aig Colaiste Inbhir Nis UHI Diciadain 20 Gearran. Obraichidh oileanaich air beachdan-smuain ann an suidheachadh eadar-obrachail le cothrom a bhith a’ gabhail pàirt ann an Dùbhlan nan Ùr-ghnàthadairean Òga.  Cuir fios a dh’ionnsaigh Rachael airson barrachd fiosrachaidh.

 
Maoin Leasachaidh Oileanach
Cuir a-steach ro 31 Faoilleach no 30 Giblean

Le taic fhialaidh o dhaoine a thug maoineachadh dha, chaidh Maoin Leasachadh nan Oileanach a stèidheachadh a dhèanamh cinnteach nach caill na h-oileanaich againn cothroman brosnachail. Cuir iarrtas a-steach an seo airson do chothrom rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn. Anns an dealbh tha oileanach Saidheans Àrainneachd Sarah Leak a fhuair maoineachadh a dh’obair le pandas ann an Sìona.

 
Latha Slàinte Inntinn
20th Gearran air feadh UHI

Air 20mh Gearran, bidh gach colaiste a’ togail aire air slàinte inntinn agus an taic a tha ri faotainn do dh’oileanaich. Cùm sùil a-mach airson gnìomhan agus tachartasan ri a chumail sa cholaiste ionadail agad. Cuir fios a dh’ionnsaigh Lyndsay airson barrachd fiosrachaidh.

 
Third Sector Internships Scotland
Fosglaidh iarrtasan sa Ghearran

Do chothrom greis-ghnìomhachais luachmhor a ghabhail os làimh anns an roinn shaor-thoileach. Thèid greisean-gnìomhachais samhraidh làn-ùine fhoillseachadh a dh’aithghearr. Cùm sùil air làraich-lìn TSIS airson barrachd fiosrachaidh.

 
Oifigearan Oileanach nan Lìonraidhean Chuspairean gan iarraidh

Thèid Oifigearan Oileanach nan Lìonraidhean Chuspairean a thrusadh airson dà lìonra chuspairean: Lùth agus Teicneòlas agus Gnìomhachasan cruthachail sa Ghearran. Airson barrachd fiosrachaidh air na dreuchdan seo, cuir fios a dh’ionnsaigh Melissa.

 
Facebook Twitter Youtube Vimeo LinkedIn Flickr